Recorded by John Macleod

Londinium

 Cuir do chluas ri claisneachd –
agus cluinn na h-èighean de dh’ fheòil loghte,
an strì eadar an gobha agus an rothadair,
snìomhadh is sìneadh an ròpadair.
Gath na do shùilean le àilleadh
ceò na fiodha, le grèim
ammonia bho mhùin breunach.

 Fada fo na tha seo tha comharra
dìoghaltas Boudicca a’ ruith anns
an t-sliseag dhearg thaine de dh’ iarann loisgte;
a’ sgoltadh loidhne de luath is chrèadh
air fhilleadh anns na clachan agus na leacan,
fiodh, seann theintean is cnàmhan.

A-nis air fhàisgeadh eadar Tuath is Deas
anns a’ chanàl maoth-phuill aige;
an abhainn aig aon àm a dh’ àraich Neanderthal,
Homo Sapiens; siùbhlaichean aonarach
a’ siabadh air falbh fad leth-millean bliadhna.

A’ chiad bothan 15,000 bliadhna roimhe,
a-nis na chathair-bhaile ioma-chànanach
a ghabhas ris na h-uile a thig –
sealgair, tuathanach, à-sheilbhichean.

Gaelic. Translated by John Macleod
© Anthony Fisher March 2016

LONDINIUM_SET_FINAL VISUALGaelic